Bhuannaich sinn an talamh


Dealbh-cluich dà chànanach mu choimhearsnachdan a faighinn sealbh air talamh croiterachd.Thàinig cruth an dealbh-cluich beò air an oidhirp, soirbheachas, agus a bhuaidh a thug sealbh na talmhainn air daoine air a’ Ghàidhealtachd.
 

Anns an dealbh-cluich, tha comadaidh tro ghluasad bodhaig, sgrìobhadh a thogas beachdan làidir, pupaidean agus cleas solais, ceòl agus òrain ùr a' beòthachadh iomairt nan daoine a bha a cheannach eilean Murg.

Tha ceathrar chleasichean a' cluich iomadh charactar, a’ riochdachadh nan daoine àraid agus beachdail, ris na choinnich luchd-rannsachaidh a’ phròiseact, agus ìomhaighean nan daoine a nochd ann an còmhradh ri luchd-strì an fhearainn. B’e sin agus sgrìobhadh à tasglannan agus beachdan eòlaichean eachdraidh thug an dealbh-cluich seo beò. Tha beachdan làidir, buaireadh agus strì nam buidhnean a bha thall agus a chunnaic ann. Tòiseachadh le cruinneachadh airgid, a' dèiligeadh ri làgh an fhearainn, a' togail coimhearsnachd agus a' riaghladh na talmhainn am measg na thathas a' ruith air. Tha an iomairt Thousand Huts a' nochdadh anns an dealbh-cluich cuideachd.
 


"When communities own or aspire to own the land on which they live and work, there is a release of energy and ambition which leads to long term reinvigoration of that community". Community Land Scotland
 

 



Air tionnsgnachadh leis a' Chompanaidh agus air sgriobtadh le Toria Banks  (Lunainn)

Air stiùireadh le: Muiriell Anna NicLeòid (Eilean Leòdhais)

a'gabhail a-steach Cleasaichean Albannach: Dàibhidh Walker (Uibhist a Deas), Ruth Tapp (Siorrachd Inbhir Àir), Cameron Mowat (Obar Dheathain), Hazel Darwin Edwards.(Dùn Èideann) and Eachainn MacAonghais (neach-ciùil/ceòl-sgrìobhaiche, an t-Eilean Sgitheanach).

Ceòl Ùr: Bha òrain agus ceòl air an coimiseanadh le Eachainn MacAonghais

Deilbh Seata: Philippa Thomas (Bristol)

Deilbh Solais: Ali Ross (Inbhir Narainn)

 Manaidsear àrd-ùrlair:  Pete Sheridan (Nottingham)
 


 

website by plexus media