Uilleam Aonghas MacMhathain

Tha Uilleam Aonghas MacMhathain air iomadh duais fhaighinn airson bàrdachd agus òrain anns an seann nòs. Chaidh na h-òrain aige a chlàradh le Fiona J. Nic Choinnich agus Pòl Mac Chalum.

’S a chruinneachadh san leabhar Duilleag Beatha tha òrain gaoil, cianalas, creideamh agus àbhachdas. Ged a thogadh e an Airidh a’ Bhruaich agus An Rudha tha Uilleam an diugh air thaigheadas an Steòrnabhagh.

website by plexus media