Fàilte gu Freumhan

Tha Freumhan na chruinneachadh film a’ comharrachadh ’s a togail air lèirsinn luchd ealain na Gàidhlig. Tha Rural Nations CIC a clàradh filmichean goirid a’ glacadh an dòigh obrach agus na smuaintean aig luchd ealain na Gàidhlig agus mar a tha an cànan a buntainn ris an obair aca.

Mar a’ chiad cheum air an t-slighe chun tasglann tha Rural Nations a toirt boillsgeadh air obair dithis luchd ealain stèidhte ’sna h-Eileanan an Iar, Margarita Williams agus Uilleam MacMhathain, cuideachd dithis a tha an luib Eathraichean nan Salm air Na Lochan.

website by plexus media