Ursgeul Rudha an Fhithich


That has a deasachadh airson fiolm goirid a thèid a chlàradh an t-sàmhradh 2016. Bidh am fiolm stèidhte an Ceann a Deas nan Loch, san latha an diugh. Air culaimh gnòthaichean bidh an linn ùr far a bheil an talamh aig a’ choimhearsnachd. Tha cupal òg a dol a phòsadh, ise tè às an sgìre air thilleadh às an oilthaigh, a nis ag obair air an eilein agus esan tidsear à Dùn Eideann. Chì sinn an ceangal a rinn iad gu latha a phòsaidh nuair nach bidh cùisean mar bu chòir agus eachdraidh, an aimsir, agus buaidh na thachair san àrraineachd a thoirt buaidh a tha cianail air latha na bainnse.

That has an dòchas dràma ghoirid mu eachdraidh agus nàdar muinntir nam bailtean iomallach a ghlacadh. Thèid am fiolm a chlàradh an Rudha an Fhithich agus an Geàrraidh a Bhàird,(Far an robh seirbheis anns na cnùic aig an àm a chaidh an Eaglais Shaor a stèidheachadh) agus an Eilean Chaluim Cille-far an robh manaich a frithealadh lios gharraidh an 1549. Thèid gabhail ri beul aithris, uirsgeulan agus dualchas na sgìre. Bidh an tìr agus a’ muir air an snìomh le àmhrain agus sàilmean na sgìre. 

Tha Rural Nations a’ sireadh taic airson am fiolm seo a chur an gnìomh.


 


 

website by plexus media