Fèis Fiolm nan Eilean

 

Fàilte oirbh chun coigeamh Fèis Fiolm Eadar Nàiseanta an Innse Gall 2018

Tha fiolmaichean iongantach an là an-diugh againn mu coimhearsnachdan iomallach agus an àrainneachd phrìseil. A’ togail truailleadh na mara tha fiolm Craig Leeson Plastic Ocean agus am fiolm aig Karina Holden Blue, ’s iad a’ toirt air aire gu gnìomh. Tha an èiginn anns a bheil eisg agus eòin-mara anns an fiolm aig Chris Jordan The Albatross agus Bluefin a rinn John Hopkins.

Le 26 fiolm aig an Fhèis lòrgaidh sibh rud a chòrdas ribh, eadar dràma à Irania Lerd–a Man of Integrity far a bheil aon duine a dìon a thuathanas an aghaidh beartas agus cealgaireach. Fiolmaichean aithriseach mun àrainneachd A River Below ag innse mu na beathaichean anns an aibhnichean anns an Amazon agus fiolm èibhinn Pork Pie à Seallain Nuadh a rinn Matt Murph.

Tha Same Boat, Inland sea, Ashore agus Becoming Animal a cur teaghamhan sa cheangal a tha eadar an duine agus saoghal nàdar. Tha The Rider agus Leave no Trace agus Sweet Country coimheach le seallaidhean tiamhaidh na talmhain agus seanchasan tarraingeach.

Air clàr na cloinne tha fiolm ball-coise à Innis Tile The Falcons agus fiolm aithriseach cloinne à Nirribhigh Tongue Cutter. Tha an dealbh beo The Breadwinner gan fheadhainn òga agus Big Bad Fox agus seanchasan eile rin fhaicinn.

Tha dà thaigh deilbh ùr againn, Ionad na Bàigh ’s Na Hearadh agus Grinneabhat am Bràdhghair, agus iad a-measg na tha ag obair gu saor thoilleach a’sgaoileadh fiosrachadh agus a toirt tachartasan gu coimhearsnachdan nan eilein.

Tha sinn an dòchas gun còrd an tàghadh fiolmaichean ribh agus bhiodh sinn toilicht ur beachdan a chluinntinn. Nam biodh sibh cho math ’s gu lionadh sibh na bileagan aig gach tachartas, tha seo feumail airson tachartas na h-ath bhliadhna..

Anns am Pocket Cinema san Lanntair agus Pop Up Enviro an Steòrnabhagh, bidh na fiolmaichean saor an asgaidh thairis air 4 là na Fèis. Bidh eòlaichean fiolm a’ còmhradh agus bidh òraidean air beathaichean fiathaich ri chluintinn. Thigeamh a ghlanadh na traighe cuide rinn aig Fèis Fiolm Eadar Nàiseanta Innse Gall. Ni sinn feum.!

website by plexus media