DIGIHEB


'S e sreath bhùithtean-obrach dha daoine òga eadar 13 agus 18 a th'ann an Digiheb. Tha an t-òigridh a' cruthachadh na fiolmaichean aca fhèin le taic bho luchd-fiolm proifeasanta.  ‘S e na daoine òga a tha a' frithealadh na bùithtean-obrach a-mhàin a tha a' dèanamh na fiolmaichean. Ann an 2012/2014, bha am pròiseact a cò-obrachadh le Ionad an Drochaid an Steòrnabhagh. Tha Digiheb a' foillseachadh na fiolmaichean anns An Lanntair gach bliadhna. Tha Remember,Tales of a Tenner, G Box, Monster agus Sherbert High air Vimeo.


 

Tha Digiheb a' coinneachadh ann an Ionad Òigridh Pointers an Steòrnabhagh eadar 7.30-9f gach Diluain eadar a’ Mhàrt agus an Iuchair 2015.

Faodaidh daoine òga a thighinn an lùib Digiheb aig àm sam bith. Tha na bùithtean-obrach a' cleachadh ùidheamachd a tha aig ìre craolaidh pròifeiseanta. Eadar camara Sony ZR gu Go-Pro,bidh iad ag ionnsachadh mu deilbh, sgeulachdan, sgrìobhadh scriobt, cleasachd air beulaibh càmara, clàradh fuaim, ag obrachadh solais, gearradh, stùireadh, riochdachadh agus a' stiùireadh cùisean aig àm fiolmadh.

Bidh fiolmaichean de gnè eadar-dhealaichte ann, dràma, sgeulachdan fìor, agus deilbh ghluasadach. Thathas a' toirt misneachd dha òigridh a bhith a' cruthachadh na sgeulachdan aca fhèin agus a bhith ag òbrachadh còmhla airson an clàradh. 

Tha adhartas agus ag ionnsachadh sgilean ùra an lùib an ealain seo. Tha an t-ògridh a' gabhail uallach airson gach nì a tha an lùib na fiolmaichean, a' togail am misneachd agus an aithne.

Tha na fiolmaichean a tha am buidheann air a chrìochnachadh, rim faicinn gach bliadhna anns  An Lanntair.  Tha iad air an cur a-steach do cho-fharpaisean fiolm dhaoine òga, Fèisean fiolm agus air duilleag Vimeo Rural Nations. Bidh an òigridh a tha a' cur a-steach airson àite air cùrsa fiolm anns a’ cholaiste neo oilthigh a' cleachdadh na fiolmaichen airson dearbhadh na tha iad air a dhèanamh mar-thà.

Tha na h-òidean Muirieall Anna Nicleòid (Stùiriche agus Riochdaire) agus Jim Hope (càmara) min-eòlach air a bhith a' stùireadh fiolm pròifeasanta ann an sgìrean iomallach. Tha am pròiseact cuideachd a' thoirt cothrom do dh’oigridh nas sine na 18 a bhith ag obair gu saor thoileach a' toirt taic dhan bhuidheann

Tha Digiheb an-dràsta a' deasachadh comadaidh a bhios stèidhichte ann am meadhan baile Steòrnabhaigh. 

Ma tha sibh airson a thighinn nar lùib thigaibh gu Ionad Oigridh Pointers air oidhche Luain aig 7f neo cur fòn neo teacs gu 07789 117740.  

Tha Digiheb saor an asgaidh.

Tha Digiheb air a maoineachadh le:

 




 


 

website by plexus media