Arts nan Eilean



Images by Thomas Spencer of Verity Standan, Mmm Hmm
 

’S e lionradh de luchd taic na h-ealain a tha ann an Arts nan Eilean. Tha iad a’ cur air adhart tachartsan ann an tallaichean ionadail air feadh na h-Eileanan an Iar. Le taic bho Rural Nations bidh teatar proifeiseanta agus tachartasan anns na coimhearsnachdan. Leis a cho-cheangal seo tha an luchd taic a tàghadh na chòrdas ris an luchd amhairc a tha san agìre aca fhèin.  

Thathas a tàghadh na tachartasan bho iomadadh gnè companaidh teatair a tha a’ siubhal air feadh Alba agus an Duthaich Aonaichte. Tha na companaidhean a faighinn taic mar is tric bho Alba Chruthachail neo Comhairle Ealain Shassain. Tha Arts nan Eilean a cuimiseachadh air danns, comataidh neo sgeulachdan or tha buidhnean eile a tha a cuimiseachadh air ceòl tradaiseanta agus ceòl ùr.

Tha na companaidhean luchd cleasachd a tha a siubhal dhan na h-Eileanan a cur trì na ceithear tachartasan air chois, tha sinn a toirt na gabhas às na cosgaisean siubhal.. Tha Arts nan Eilean a pàigheadh cosgaisean siubhal air Caledonian Mac A Bhruthainn agus tha sin a fàgail na h-Eileanan an Iar air an aon tuaiream ri Gaidhealtachd na h-Alba

Tha Arts nan Eilean ag amas air tachartasan aig sàr àrd ìre, a tàghadh na tachartasan bho na companaidhean siubhail bliadhna ron àm. Tha am fhìosrachadh mu na tachartasan a tighinn bho FST Federation of Scottish Theatre, Dance base, Conflux Creu Cymru agus NRTR National Rural Touring Fund. 
A gabhail pàrt anns na h-Eileanan an Iar an 2015: An t-Earrach seo: Spòrsnis, Talla Bhùirgh, Talla Bheàrnaraigh Leòdhais, Talla Bhreàscleit, Talla An Tairbeirt, Talla an t-Oib, Talla Charainis, Talla Staonibrig , Talla Naomh Phàdraig, Talla Bhàgh a’ Chaisteil.

Tha cothrom aig neach sam bith neo talla choimhearsnachd, a bhith nam bùill de Arts nan Eilean, ma tha ùidh aca a bhith a cur air adhart tachartasan ealain far a bheil iad a fuireach. Tha e saor an asgaidh a bhith na lùib agus tha gach talla a faighinn 50 % den tha thathas a toirt a-steach aig an doras, neo na chosgas an talla air màll airson oidhche.

Tha Arts nan Eilean an co-bhuinn an 2015 agus 2016 ris na leanas: Ealain is Dulachas na Hearadh, Buidheann Saor Thoileach Bharraigh agus Bhatarsaigh, Ceòlas agus Comhairle nan Eilean Siar.

Ma tha ùidh agad anns a lion-radh seo agus a bhith cur air adhairt tachartasan ealain, neo airson taic a toirt ga ealain anns na h-Eileanan an Iar, cuiribh fios gu Muriel Anna Nicleoòd




 


 

website by plexus media